Rita meets the Prince

Rita Dix is one of the Gaelic learners in Berneray. Here is a piece which she wrote about meeting Prince Charles when he was on an official visit to Berneray.

Ann an 1985 thàinig am Prionnsa Teàrlach ‘s a Bhana-phrionnsa Diana a Bheàrnaraigh air tadhal oifigeach.

Bha an t-sìde cho garbh nuair a a thàinig dà heilicoptear sìos agus b’ e am Prionnsa Teàrlach aon de na paidhleatan.

Bha ad air Diana ‘s chualas i ag ràdh nach toil leatha ad oirre nuair a bha i gaothach.

Choisich Teàrlach agus Diana, aoighean oifigeail agus muinntir Bheàrnaraigh air fad dhan taigh-sgoile airson cupannan tì no cofaidh, briosgaidean ‘s cèicean.

Chaidh am Prionnsa Teàrlach mu thimcheall an t-seòmair a’ coinneachadh ris a h-uile duine. Bhruidhinn mi ris mu a h-uile rud ‘s rud sam bith. Bha e glè inntinneach a bhruidhinn ris. Bu toil leis an t-Eilean Bheàrnaraigh.

An dèidh a’ phàrtaidh-tì thill Teàrlach agus Diana a dh’ Uibhist a-Tuath. Bha iad a’ fuireach còmhla ris a’ Mhorair Grenville, a bha na cho-ògha na Bàn-rìgh.

Thill am Prionnsa Teàrlach mòran bhliadhnaichean an dèidh sin air turas prìobhaideach, ag ionnsachadh mu chroitearachd. Dh’fhuirich iad còmhla ri Dòmhnall Ailig MacPhilip agus a bhean Gloria. Chuir e buntàta agus chuidich e air a’ chroit.

Bha e glè thoilichte a bhith gun na ‘paparazzi’  a’ coimhead ris a h-uile mionaid dhen latha. (Rita Dix 14 May 2012)

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s